Eachdraidh Ealasaid ann an Tir nan Iongantas. Alice"s Adventures in Wonderland in Scottish Gaelic

Цена 15.02 - 24.00 USD

EAN/UPC/ISBN Code 9781782010159

Брэнд Evertype


Страниц 156

Год выпуска 2012

Книга "Eachdraidh Ealasaid ann an Tìr nan Iongantas. Alice's Adventures in Wonderland in Scottish Gaelic".'S e ainm-pinn a th' ann an Lewis Carroll: b' e Charles Lutwidge Dodgson ainm ceart an ùghdair agus bha e na òraidiche le Matamataig ann an Colaiste Chrìosd, an Oilthigh Ath nan Damh. Thòisich Dodgson an sgeulachd air a' 4mh latha den Iuchar 1862, nuair a chaidh e sgrìob ann am bàta-ràimh air an abhainn Thames ann an Ath nan Damh còmhla ris an Urramach Robinson Duckworth, còmhla ri Alice Liddell (a bha deich bliadhna a dh'aois) an nighean aig Deathain Cholaiste Chrìosd, agus còmhla ris an dithis pheathraichean aice, Lorina (a bha trì bliadhna deug), agus Edith (a bha ochd bliadhna a dh'aois). Mar a tha soilleir san dàn aig toiseach an leabhair, dh'iarr na triùir nigheanan air Dodgson sgeulachd innse dhaibh agus thòisich e, gu h-aindeonach an toiseach, a' chiad dreach den sgeulachd innse dhaibh. Tha tòrr iomraidhean den chòignear aca an leth-fhalach ann am faclan an leabhair fhèin, a chaidh fhoillseachadh mu dheireadh thall ann an 1865. 'S e an leabhar seo a' chiad eadar-theangachadh làn gu Gàidhlig, agus tha an leabhar a' cleachdadh litreachadh a rèir nan gnathasan as ùire ann an Gàidhlig, na Gaelic Orthographic Conventions (2005). -- Lewis Carroll is a pen-name: Charles Lutwidge Dodgson was the author's real name and he was lecturer in Mathematics in Christ Church, Oxford. Dodgson began the story on 4 July 1862,...